|
A.
Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair
[Domhnallach, r.1695] : air
a mheas le mòran mar Phrìomh bhàrd nan Seumasach.
Na bhàrdachd tha eòlas àraid air cruthan
clasiceach is caitligeach: tha ìomhaigheachd Bìobaill
is meadrachd coimhlionta ga chur air leth, fiùs san là a
th' ann.
B.
Bàrd Baile : tha mòran dhiubh ann: gu h-àraid
ainmeal tha na feadhainn Uibhisteach. Sgrìobh Domh all
Ruadh Chorùna [r.1887] mu thruinnsichean na Frainge, is
Domhnall Ruadh Phàislig [r.1889] mu thachartasan leithid
Chlach Sgain.Tha cliù air bàird dhen t-seòrsa-sa
ri linn gearradaireachd am bàrdachd sòisealtaich
is geurad an dàin aoireil. Tha cliù àraid
aig Bàrd Mhealboisd, Murchadh MacFàrlain,
cliù a mhaireas seachad air a là fhein.
C.
Bàrd na Ceapaich [Iain Lom
Domhnallach, r.1625] : air leth
aithnichte son a ghamhlas ris na Caimbeulaich. Sàr-aoireadair
a chleachdas ìomhaigheachd gu fìor dheagh èifeachd
- 's tha na h-òrain neartmhor aige fòs gan seinn
le spionnadh!
D.
Rob Donn [r.1714/15] : Bàrd Dhùthaich Mhic Aoidh, bàrd
nam mithibh, a dh' fhàs bu bhith na bhàrd barraichte,
a' nochdadh tàlannt sònraichte a dh' aindeoin ìsleachd
inbhe. Rinn Rob marbhrannan mìorbhaileach, is dàin
cliùteil a dh' fhàgas dealbh againn de bheatha
a dhùthcha mar a bha i roimh na Fuadaichean.
E.
Domhnall Eirisgeach [Domhnallach]
:
chlo-bhualadh Rannan a Eilan na h-Oige, leabhar laghach
a' bhàird ealanta-sa, le Gairm ann an 1981. Rinn Domhnall
òrain, dàin is laoidhean òirdheirc ann an
Gàidhlic fhuarasda shiùbhlach. Fuair e Crù
a' Mhòid an 1949, agus cluinnear na laoidhean aige fhathast
aig seirbhisean-eaglaise, feadhainn dhiubh a chunnacas air telebhisean.
F.
Fearghas MacFhionnlaigh [r.1948]
:
Bàrd cràbhach
agus ùr-ghnàthaichte, tha Fearghas air thoiseach
air càch leis an ìomhaigheachd nua-chruthaichte
aige, agus anns a' chruinneachadh mu dheireadh a chuir e meach
bha sreath-dhàn a tha a' cothlamadh gu sgileil ruisg is
bàrdachd, ann an sgeul dhrùidhteil mu Mhac, Ciaran.
G.
Pàdraig Grannd [r.1783] : Spèitheach
a chaidh na mhinistear baisteach. Chaidh bàrdachd Phàdraig
ath-chlo-bhualadh iomadach turas re a bheatha 's na dheidh, eadhon
am Fayetteville, far am biodh eilthirich na Gàidhealtachd
a' seinn nan laoidhean aige nan dùthaich ùr.
G.
Iain Mac a' Ghobhainn [r.1928] : chaochail
Iain o chionn ghoirid, agus bha e na sgrìobhadair buadhmhor
uasal is na dhuine iriosal coibhneil. Rinn e na h-uiread de sgrìobhadh,
eadar rosg, dàin is sgrùdadh - tòrr sgrùdaidh
gu h-àraid! Chanadh cuid gum bu Bhàrd Cùirte
e. Tha a-measg a chuid chruinneachaidhean Bùrn
is Aran is Na Guthan [sgeulachdan goirid]. Cuideachd
bha ùidh mhòr aige ann am feallsanachd 's a leithid.
I.
Domhnall Iain MacIomhair [r.1942] : fear
a sgrìobh tòrr sgeulachdan goirid, dealbhan-cluiche
is bàrdachd. Dheasaich e Eadar Peann is Pàipear,
co- chruinneachadh de shaothair chàich, agus a-measg leabhraichean
eile chuir e ri chèile leabhar mu Choinneach Odhar.
L.
Laoidhean : amach à Pàdraig
Grannd, tha bàird eile air laoidhean a chur ri chèile,
mar Eachann MacFhionghain [r.1886] à Beàrnaraidh
Na Hearadh. Tha sàr-dhàin liriceach aige san leabhar
An Neamhaid Luachmhor.
M.
Domhnall Moireasdan ["Geinidh" r.1911] :
bàrd a rinn òran
mu thogail Balla-Uisge Ghlinn Oirinn, 's òrain eile. Rugadh
e sna Còig Pèighinnean an Leòdhas, ach rinn
e eilthireachd san linn-sa. |
A.
Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair
[A. MacDonald, born c.1695] :
regarded by many as the top Jacobite poet. His poetry displays
a breathtaking knowledge of Classical and Religious idiom: rich
Biblical imagery and complex use of meter set him apart, even
today.
B.
Bàird Baile [village Bards] :
of whom there are many, with perhaps those of Uist in the
Outer Hebrides being foremost. Domhnall Ruadh Chorùna
[Red-haired Donald Coruna b.1887] wrote of his experiences in
the trenches of France, and Domhnall Ruadh Phàislig [Donald
of Paisley, born 1889] immortalised such illustrious happenings
as the recovery of the Stone of Destiny. such poets are often
renowned for the power and bite of their social satire and comment.
Murdo Macfarlane [b. 1901] of Lewis enjoys posthumous fame as
"Bàrd Mhealboist" [Melbost Bard].
C.
Bàrd na Ceapaich [Tbe keppoch bard] : Iain Lom
[cutting] MacDonald [born c.1625],
famed for his hatred of the Campbells. A serious satirist
and master of the withering phrase, his poetry displays a fine
use of imagery and his robust songs are emininetly singable!
D.
Rob Donn : born in Northwest Sutherland [1714/15],
a peasant poet who in later life displays
a native talent and wit far exceeding the limits of his humble
upbringing and who eventually achieves
a serious level of elegiac and social discourse. Also famed for
his pre-Clearance picture of life in Duthaich Mhic Aoidh - the
Land of Mackay.
E.
Domhnall Eirisgeach [Donald of Esiskay] : Donald MacDonald's
famous book, Rannan à h-Oige, issued by Gairm in
1981, contains songs, poems and also beautiful hymns composed
in effective flowing Gaeilic. A Mod winner [Inverness 1949],
his hymns are sung at Gaelic services, some of which have enjoyed
television exposure in recent years.
F.
Fearghas MacFhionnlaigh [Fergus Mackinlay, born 1948]
: a modern religious and contemplative poet, his work breaks
new ground in imagery, and in later collection he skilfully interweaves
prose and poetry in a moving account of his son's illness.
G.
Pàdraig Grannd [Peter Grant, b.1783] :
Native of Strathspey who became a baptist minister
and whose work has seen many reprints, from his own day up to
1926, even appearing in Fayetteville, where displaced Highlanders
sung his hymns in their new surroundings.
S.
Ian Crichton Smith [Iain Mac a' Ghobhainn] :
recently deceased, iain was
a kind and quitely inspiring writer of prose, poetry and criticism,
with an output matched only by the amount of review work he undertook!
Described as a court poet, his collections of short stories include
Burn is aran [Water and Bread] and Na Guthan [Voices].
He found much inspiration in the writings of philosophers.
I.
Domhnall Iain MacIomhair [Donald John MacIver, b.1942]
:
prolific writer of short stories, plays and poetry.
Eadar peann is Pàipear [Between Pen and Paper]
is an edited collection of various writers' work, and Donald
John himself has penned a Gaelic version of the Brahan Seer story
among others.
L.
Laoidhean [Hymns] : apart from the aforementioned
Peter Grant, these have been composed by various poets, such
as Eachann MacFhionghain [Hector Mackinnon b.1886] of Beneray,
Harris. His An Neamhaid Luachmhor [the precious jewel]
is a collection of fine lyrical compositions and elegies
M.
Dodhnall Moireasdain
[D. Morrison, 'Geinidh', b.1911] :
author of a song composed during building Glen Orrin dam,
and of many others. Born in Fivepenny, Ness, Lewis. Emigrated
during this century. |