Home

Programme

Updates

Previous Fringe photos

 

 

 

 

 

 

 

English version

Tha Tearlach MacColla agus Comataidh Ṃd Lochabair a’coimhead air adhart ri failte a chur oirbh gu Lochabar ‘san Damhair!

Tha cùisean a’tighinn air adhart chan ann a-mhàin airson a’ Mḥd fhein ach cuideachd airson Iomall a bhios beothail agus tarraingeach. Tha sinn am beachd a’toirt thugaibh:

28 piosan ealain bhon Leabhar Ṃr air fhoillseachadh ann an Taigh-tasgaidh na Gaidhealtachd an Iar;

oraidean aig meadhon latha air ainmean-àite, ceanglaichean ri Nova Scotia, ḍighean –beatha ann an Lochabar, agus sgeulachdan Lochabair;

oraid/consairt phiobaireachd comhla ri taisbeanadh bho Cholaisd na Piobaireachd;

leughadh bardachd – Biadh is Bardachd; agus,

tachartasan sràide.

Bithidh bus ann (an asgaidh) a Pairce-chàiricheanTaobh Siar a’ Bhaile gu Ard Sgoil Lochabair agus gu Ionad Choimhearsneachd a’Chaoil. Bithidh a’chuid as motha de na farpaisean làitheil air an cumail ann an Ard Sgoil Lochabair aig toiseach na seachdain, agus feadhainn eile dhiùbh ann an Sgoil Taobh na Locha. A chionn ‘snach eil ṃran aiteachan-paircidh ann aig Sgoil Taobh na Locha, bithidh sgeama "park and ride" eadar an dà sgoil.

Comhla ris a’ Chomhdhail air Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair ann an Gleann Fhionnainn air14mh Damhair, bithidh ̣raidean eile ann mu dheidhinn an obair aige Di-luain agus Di-mairt.

Bruidhinnidh Tony Pollard air "Recent Excavations at Inverlochy Castle and Fort William", a’toirt iomradh air an obair a bhios a’dol air adhart ‘san t-Sultain.

Bithidh àm sonraichte ann airson ceol tradaiseanta gach latha am meadhon a’ bhaile air a’ Phairéid. Bithidh an taisbeanadh "The Traditional Music Hall of Fame" anns a’ bhaile cuideachd. A bharrachd air na farpaisean àbhaisteach aig a’ Mhod, tha farpais neo-fhoirmeil "Urlar Fosgailte" a’dol a bhith againn, far am faod buidhnean ciùil tionnadh suas Oidhche Chiadaoin gus pairt a ghabhail ann. Thathar am duil nach bi ionnstramaidean electronaiceach ceadaichte ach a-mhàin meur-chlar.

Bithidh buthan-obrach ann anns an Ardsgoil airson orain a Ceap Breatainn, clasaichean Gaidhlig agus dannsa-ceum – airson aois sam bith!

Anns an Aonad Aiteachail faodaidh sibh tadhal air Taigh-tasgaidh Chroitearachd agus taisbeanadh de mhodalan de bhàtaichean a leithid "The Vital Spark", "The SS Politician" agus an "Zulu".

Tha sinn cuideachd a’smaoineachadh air Pairéid de na Coisirean Cloinne a chur air bhonn madainn Di-ciadaoin, caran coltach ris a’Phairéid a tha ann mu thrath airson na Coisirean Mora madainn Di-sathurna, ma ghabhas e deanamh.

Thathar an duil gum bi Ioman Eadarnaisanta ann air a’cheud Di-sathurna agus cuideachd gum bi gèim ionadail ann eadar Lochabar an Ear agus Lochabar an Iar.

Airson beachdan bẹthail a bhrosnachadh, theid forum da-chànanach a chumail air a’ chuspair "Am Ṃd ann an àm ri teachd" Tha sinn an ḍchas gun tig sibh ann!

Ach cha bhi a h-uile rud soluimte idir! ‘Se "Deiseil? Air do shocair! C̣cairich!" aon de na tachartsan a bhios ann - far am bi daoine mora ainmeil (tha sinn an ḍchas!) a’sealltainn dhuinn dé cho math ‘sa tha iad air c̣caireachd!

Tha Comhairle Ionadail Lochabair air Cuach a thoirt seachad mar dhuais airson a’phios sgriobhaidh as fhearr, bardachd no rosg, a chaidh a sgriobhadh le sgoilear a sgoiltean bhon sǵre anns a bheil am Ṃd air a chumail gach bliadhna. Gheibhear fiosrachadh bho na sgoiltean.

Bithidh Prógram Iomall a’ Mḥid deiseil tràth ‘san Dàmhair. Bithidh gu leor a’dol air adhart aig Ṃd Lochabair – mar a bhiodh dùil ann am Bliadhna Chultur na Gaidhealtachd!

Aig deireadh na cùise – ‘sa Ghearran fhuair buill a’ Chomuinn dà leabhar de thiceadan chrannchur ri reic. Bu thoil leinn na co-dhuilleagan fhaighinn air ais cho luath ‘sa ghabhas - agus an t-airgead cuideachd!